Cape Breton Regional Library

Gáidhlig Cheap Breatuinn á Eachdraidh

Nuair a bha mi ag obair air a’phròisect: LeughSeo: Gaelic Books in Cape Breton County Libraries, thainig ceistean an àirde mu dheodheinn na Gaidhlig air an Gilean – mar a bha i, mar a tha i, agus an taobh a tha i dol. Chualas a’Ghaidhlig fad iomadh linn a measg nan Gaidheal ann an Ceap Breatainn. ‘S ann as an t-Seann Duthaich a’thainig a’Ghaidhlig agus aig aon am, ‘s i bu chainnt-mhatharail dòn mhòr-chuid a thainig don Gilean. Ach dh’atharraich cùisean re nam bliadhnaichean agus an diugh, tha moran deasbaid mu dheodheinn cor na Gaidhlig. Ciamar a tha ‘chanan a’deanamh an diugh? De tha air thoiseach oirre? Si na ceistean a tha luchd-daimh a’ faichainn nam freagairt ‘san la’n diugh.

Anns an ochdamh linn dueg, thachair morana thug buaidh air beatha nan Gaidheal a bha fuireach air a ‘Ghaidhealtachd agus anns na h-eileanan an Albainn.. Bha aramach nan Seumasach na adhbhar sgaraidh agus amhghair do mhoran. Bha deasbad creideimh eadar Caitligich agus Prostanaich. A bharrachd air an seo, bha uachdarain ag’ ardachadh mail chom am fearann fhasachadh airson chaorach. Anns an oran aig Fear a Mhuinntir Mheinne, “Thied Sinn a dh’America,” chi sinn gun robh graim aig na h’Eilthirich air an suidheachadh ach aig an aon am, bha dochas ur aca cuideachd:

Theid sinn a dh’America ‘S gur h-e ar deireadh falbh ann; Marbhphaisg air na tighearnan, An ruith th’ac’ air an airgiod; ‘S fheàrr leò baidein chaorach No’n cuid dhaoine ‘s iad fo àrmachd.

We shall go to America It is our destiny to go there; A plague on the landlords, with their greed for money; they prefer flocks of sheep to their own armed hosts.

Mar sin, bha moran Ghaidheal an toir air teicheadh gu tir ur an dochais. Bha fearann bhuapa nan ainm fhein a dh’fhaodadh iad aiteach mar a thogradh iad: duthaich far am biobh saorsa thaobh creideimh agus riaghlaidh. Sin a ghluais a’mhor-imrich gu Eilean Cheap Breatainn aig deireadh na h-ochdamh linn deug agus a leam air adhart gu anmoch anns an naoidheamh linn deug.

Eadar 1817 agus 1838, mheudaich àireamh nan daoine ann an Ceap Breatainn bho 7000 gu faisg air 38,000 neach. B’e Gàidheil a Taobh an Iar Albainn a bh’annta cha mhòr air fad. Thainig iad a Barraidh, Leòdhas, Uibhist a Tuath is Deas agus thuirich iad nam bùidhnean comhla. Chaidh na Barraidh taobh Shanndraigh: chaidh na Leodhasaich taobh Bàgh an Naoimh Anna: na Tuathaich mun cuairt air Aiseag Mhira agus na Deasaich mun cuairt air Mira Mhòr. Anns gach aiteach, bha daoine glè thric a’gleidheadh an dual-chainnt a thug iad leotha as an t-Seann Dùthaich, gu ruige ‘s gun cluinneadh iad diofar dual -chainnt amach as an arainneachd fhèin. Ann an cuid de dh’aiteachan, bhiodh duilgheadas aca a’tuigsinn a cheile gu h-iomlan.

Ge bith cait’ an robhas a ‘fuireach, bhiodh iomadh rud a ‘dol air adhart gu tric far am biodh Gàidhlig ‘ga cleachadh. Bhiodh Gàidhlig anns na h-Eaglaisean curbhalach: gach seachdainn, bhiodh ceilidh ann – am facal sin a tha cho bitheanta anns na meadhanan an diugh. Bhiodh òrain Ghàidhlig is ceòl is eile aig gach ceilidh ach bhiodh a’chuid a b’fhearr a tachairt ‘ nuair a nochadh an seanchaidh, no fear nan sgeulachd. Dheanaidh esan aithris air iomadh sgeulachd a chòrdadh ris an luchd -èisdeachd. Ghluais iomadh sgeul bho ghluin gu gluin tro mheadhoin na Gàidhlig. Bhiodh fèill air oran Ghàidhlg aig bainnsean ‘s aig luaidh. Cuideachd, chaidh Comainn Gàidhlig a chur air bhonn ann an iomadh àite Gàidhlealach chum cleachdadh na cànain a bhrosnachadh.

An Diugh

An deidh dhomh còmhradh ri fileantaich agus ri luchd-ionnsachaidh ann an Ceap Breatainn, tha e follaiseach nach eil suidheachadh na Gàidhlig cho laidir an diugh sa bha e anns na làithean a dh’fhalbh. Chan eil fios cinnteach cia mheud neach a bhruidhreas Gàidhlig anns an Eilean; their cuid gu bheil eadar tri is coig ceud neach ann, ach their cuid eile gu bheil suas ri mìle ann. Tha fios againn gu bheil deagh àireamh Ghàidheal fhathast a’comhnaidh anns an Eilean. Agus a’bharrachd air an sin, tha ùidhe anns a ‘chanain a sìor fhàs am measg luchd na Beurla.

Gheibh thu diofar adhbhair bho na Gàidheil ‘s bhon luch-ionnsachaidh a thaobh mar a chaith ùidh anns a ‘chanain a leasachadh o chionn ghoirid. Cluinnidh tu gu bheil meas air a’cheòl Cheilteach a ‘sìor fhas. Tha luchd-ciùil mar Ashley MacIosaig agus Natalie Nic a’Mhaighstir a’cur cuid de’n dualchas fhèin mu choinneamh an t-saoghail. Tha moran a’sireadh nan daoine bhon dainig iad agus an dualchas fhèin nuair a thuigeas iad cho cudthromach ‘sa tha seo.

Tha seo a’toirt mòran gu bhidh ‘g ionnsachadh na Gàidhlig. Thuir aon neach aig a bheil daimh don Ghàidhlig, “Bidh barrachadh ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh mar a shiubhias na seann Ghàidheil.” Tha seo a togail trioblaid do dh’oileanaich nuair a dh’fhalbhas na fileantaich aig a bheil am fiosrachadh. Seo far a bheil beairteas an dualchais. ‘S ann acasan a tha an dual-chainnt, na h-òrain agus na sgeulachdan a thainig a nuas bho linn gu linn – cridhe agus smior na cànain. Ged a gheibhear cuid dhen dualchas seo sgriobhte agus air clàr – ‘se am facal fìor bhrìgh an cànain.

Aig an dearbh am sei, tha iomadh sgire a ‘tabhann chlasaichean anns a’chànain. Tha clann sgoile ann am Màbu ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha cùrsaichean ann an dualchas na Gàidhlig ri’n faotainn ann an àrd-sgoilean ann an Sidni agus ann am Sanndraigh. Ach chan eil Gàidhlig air a teagasg anns an fhior bhun-sgoil far am b’fhearr a thogadh iad i. Tha fèisean air bhonn ged tha, ann an àiteachan mar Eilean na Nollaig, Màbu agus Gleann Dail far am faigh clann agus inbhich cothrom air canan is dualchas. A bharrachd air an seo, tha cùrsaichean ann an canain ‘s an cultair air an tabhann ann an Colaisde Cheap Breatainn agus Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier an Antigonis. Tha an t-eadar- lion ‘s compuitairean air luchd daimh na Gàidhlig a thoirr nas fhaisge air a cheile a ceithir rannan ruadh an domhainn. Mar sin, chithear gu bheil cothromab gu leòr ann airson a’Ghàidhlig ionnsachadh. Ach, cha ghabh e àicheadh gu bheil na seann Ghàidheal a’siubhal agus tha smior an dualchais a’sìolaadh leotha – a chànan.

Am Màireach

Feumaidh grunn choisean atharrachadh ma tha a ‘ Ghàidhlig a ‘dol a mhaireachdainn ann an Ceap Breatainn. Anns a’chiad àite, tha na h-uile ag aideachadh gum feum a ‘Ghàidhlig a bhith air tabhann don chloinn. Tha iad a ‘creidsinn gum bu choir don chànan a bhidh anns na sgoilean, co dhiu far a bheil àrainneachd Ghàidhealach air an eilean. Ma bhios cothrom ionnsachaidh agus cleachdaidh aig a’chloinn sa’choimhearsnach bidh barrachd cothrom aig a’chànain air a bhith seo.

Anns an dara àite, tha feum air barrachd airgid bhon Riaghaltas airson taic agus leasachaidh don chànain. Eadar fòghlam is turusachd, bhiodh barrachd Gàidhlig fa chomhair luchd-ionnsachaidh agus fhileantach. Seo mar seo a dheanamh gu luath, fhed ‘s a bhios Gàidheil air fhàgail. ‘S ann acasan a tha am fiosrachadh fiachail a dh’fheumas luchd-ionnsachaidh fhaotainn.

Am mair a’Ghàidhlig beo? Their cuid nach teirig a’Ghàidhlig gu brath fhad’s a mhaireas leabhar-lannan agus àiteachan tasgaidh amr an Leabhar Lann Ionadail agus Colaisde Cheap Breatainn. Tha dòchas ann gum bi a’Ghàidhlig air a bruidhinn am measg an t-sluaigh an Ceap Breatainn – gum faigh a’chlann cothrom na cànain a bh’aig an sinnsir agus gum bi èolas aig sluagh an domhainn an Ceap Breatainn mar Ghàidhealtachd bhuadh mhòr ann an Amaireaga a Tuath. Suas leis a Ghàidhlig!