Cape Breton Regional Library

Romih-rádh

Tha daoine air fàs glè eòlach air ionmhas-cultuir Cheap Breatainn, ann an Canada fhèin agus air feadh an t-saoghail, a thaobh ciùil agus dannsa. Ach, ‘s dòcha nach eil uidhir aithne air a’Ghàidhlig a tha aig cridhe an t-saoibhreis tha seo. The Leabhar-lann na Sgìre agus Leabhar-lann Colaisde Cheap Breatainn air a dhol còmhla a chum na bheil aca a chur ann an aon chlàr air-loidhin’. Tha an dà àite air a bhith ‘cruinneachadh stuth Gàidhlig bho chionn iomadh bliadhna. ‘Se cruinneachadh beairteach agus measgte tha seo airson chloinne agus inbheach agus tha cothrom iasaid aig muinntir an àite agus feadhainn bho’n taobh amach.

Thug Comann nan Leabhar-lann agus Dualchas Obrach na h-Òige taic seachad chum an clàr seo fhoillseachadh. Bheir an clàr cothrom do dhaoine rannsachadh a dheanamh a thaobh ùghdair, ainm no cuspair. Gheibh gach neach fiosrachadh cuimseach air a’chuspair agus far an gabh e lorg. Mar a chi sibh annns an sgrìobhadh a leanas: Gàidhlig agus Ceap Breatainn – An Dè, An Diugh agus Am Màireach – chi sibh nach eil cinnt ciamar a thèid leis a’chànain anns an eilean. Bheir pròiseactan mar seo fa chomhair dhaoine na bheil ri’n laimh agus gach àite. Tha sinn an dochas gum bi Gàidheil agus luchd-ionnsachaidh a’cleachdadh an iomhais seo.